News & Updates

Thàinig Nicodemus Cuideachd

Air madainn na Sàbainn a chaidh, shearmonaich an t-Urramach Seumas MacÌomhair air Eòin 19: 39a - Thàinig Nicodemus Cuideachd.

Tha Nicodemus ga ainmeachadh trì tursan ann an soisgeul Eòin – ann an caib. 3, 7 agus 19 – agus chìthear gu bheil adhartas ga dhèanamh na chaitheamh-beatha anns na h-iomraidhean seo. Bho thoiseach tòiseachaidh far a bheil e a’ tighinn gu Crìosd tron oidhche agus eagal air ro na h-Iùdhaich, tha e a’ tighinn gu bhith a’ seasamh as leth Chrìosd an aghaidh nam Pharasaich mu thimcheall an dòigh anns a bheil iad a’ dèiligeadh ris. Mu dheireadh thall, chìthear gu bheil e gu follaiseach a’ nochdadh a ghràdh dha Crìosd agus gu bheil e na dheisciobal dha-rìribh.

‘S e a ’chiad iomradh a tha ga dhèanamh air Nicodemus ann an Eòin 3:2, gu bheil e a’ tighinn a bhruidhinn ri Crìosd san oidhche. Bha an eagal a bh’ aige ro na h-Iùdhaich ga chumail bho bhith a’ nochdadh air a bheulaibh tron latha. Mar a tha fhios aig a h-uile Crìosdaidh, thuirt Mgr MacÌomhair, tha an diabhal a’ gabhail brath air iomagain dhaoine agus a’ dèanamh droch fheum den teagamhan.

Ann an teagasg Chrìosd, tha solas agus dorchadas tric gan cleachdadh mar samhlaidhean air an strì eadar math agus olc. Tha brìgh spioradail aig an samhla seo agus, mar sin, tha e sònraichte anns an t-seadh spioradail gur ann san dorchadas a tha Nicodemus a’ tighinn a dh’ ionnsaigh Chrìosd an toiseach. Chan eil lorg aige air Ìosa mar a Shlànaighear aig an ìre seo. Bu chòir gum biodh sinn fhìn faiceallach nach eil sinn coltach ris, agus gu bheil sinn a’ tuigsinn an eadar-dhealachadh eadar aithne na Fìrinn agus eòlas air Crìosd mar Slànaighear pearsanta.

A dh’ aindeoin agus gur e neach-teagasg a bh’ ann an Nicodemus fhèin, bha e fhathast ann an dorchadas spioradail bhon nach robh an eòlas seo aige air Crìosd.

Chan eil aithne air a’ Bhìobaill as aonais eòlas air an t-Slànaighear gu feum sam bith – ‘s èiginn dhuinn a bhith air ar breith a-rithist, dìreach mar a tha Crìosd a’ comhairleachadh Nicodemus.

Dh’fhàg Crìosd làrach air an duine-sa, ga fhàgail le barrachd cheistean agus miann tuilleadh fhaighinn a-mach mun Chrìosd seo agus làn fhios aig Nicodemus gum buineadh E do Dhia.  Agus, dh’ fhaighnich Mgr MacÌomhair, nach e sin a tha a’ fàgail daoine a’ frithealadh nam meadhanan san latha an-diugh. Thathar airson faighinn a-mach càite bheil iad ann an dàimh ri Crìosd, agus tachraidh seo le bhith a’ leughadh fhacal agus ag èisteachd ri fhacal ga shearmonachadh.

Anns an dàrna suidheachadh far a bheil Nicodemus a’ nochdadh, tha maoir an teampaill a-muigh air tòir Chrìosd airson a chur an grèim agus stad a chur air an t-searmonachadh aige.

‘Se briathran Chrìosd a chuir stad air na maoir bho bhith ga chur am bruid, oir dh’ aithnich iad nach do labhair duine eile a-riamh mar a labhair Esan. Cha b’ urrainn dhaibh a thoirt leotha ri linn èifeachd fhacal fhèin.

Chìthear an uairsin gu bheil na Pharasaich a’ feuchainn ri tuilleadh nàimhdeas a bhrosnachadh am measg an t-sluaigh an aghaidh Chrìosd agus iadsan a tha a’ seasamh a chòraichean. ‘S ann airson sin a tha iad a’ sadail air Nicodemus nach tigeadh fàidh a-mach à Galile; ‘s ann a tha iad a’ magadh air ri linn agus mar a tha e a’ taobhachadh – fiù ‘s gu ìre bhig – ri còraichean Chrìosd.

Nach ann mar sin a tha Crìosdaidhean an latha an-diugh air an dèiligeadh riutha? Cha leigear a leas a dhol seachad air baile Steòrnabhaigh airson an aon bheachd fhaighinn am measg ana-chreidmhich. Tha iad cho cinnteach às na beachdan aca fhèin agus gu bheil iad deimhinnte gu bheil Crìosdaidhean gòrach. Dìreach mar a bha na Pharasaich cho pròiseil mun eòlas a bh’ aca den lagh an taca ri aineolas luchd-leantainn Chrìosd, tha luchd-saoghalta an-diugh a ’cur saidheans os cionn nan uile nithean, agus a’ meas creideamh Chrìosdail mar ni suarach agus mar chùis-mhagaidh.

Seo, ged-tà, Nicodemus a thòisich a’ tighinn gu Crìosd tron oidhche, a-nis a’ seasamh a chòraichean beagan air beulaibh sluagh a bh a gu mòr na aghaidh.

Nach eil seo a’ toirt a-steach mar a bha boireannach Shamària as dèidh dhi coinneachadh ri Crìosd aig an tobair. Chaidh i a dh’ innis dhan t-sluagh mar a labhair e agus fhuair i èisteachd.  Mu dheireadh, ged-tà, bha na daoine ag ràdh rithe nach ann a-mhàin airson na thuirt ise riutha a lean iad E, ach gun robh iad fhèin air a choinneachadh agus a chreidsinn.

Chan eil ana-chreidmhich an latha an-diugh ann an dorchadas mu thimcheall nan nithean seo idir – ‘s ann a tha iad a’ roghnachadh gun na nithean seo a chluinntinn air an son fhèin; tha iad an aona ghnothach gan cumail fhèin air falbh bhon èisteachd.

Mur a seas sinne còraichean Chrìosd nar measg, a-rèisd, caillidh sinn iomadach rud prìseil ri linn an nàimhdeas seo. Feumaidh sinn a bhith a’ foillseachadh gur ann air a thaobh-san a tha sinn. Agus a’ guidhe nach leigeadh Esan leotha nan nithean prìseil sin a thoirt air falbh.

Anns an 19mh caibideal, tha sinn a’ faighinn an treas iomradh air Nicodemus agus e an làthair aig adhlacadh Chrìosd. Seo, adhlacadh iongantach agus Rìgh ga thiodhlacadh, dìreach mar a tha Sailm 45 ag ràdh. Cluinnear an-diugh daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn cho mòr sa bha an sluagh a nochd airson tiodhlacadh leithid seo a dhuine ainmeil; ach cha robh ach dha no thrì an làthair nuair a thiodhlacadh ar Neach-saoraidh.

Seo an tachartas a tha a’ toirt Nicodemus a-mach gu follaiseach agus, gu dearbha, seo mar a tha e leis a h-uile creidmheach. Tha nì sònraichte mu thimcheall a ’chrann-ceusaidh agus bàs ar Neach-saoraidh a tha a’ piobrachadh cogais a’ Chrìosdaidh. Chan urrainnear àicheadh, agus cha b’ urrainn dha Nicodemus nas motha.

Thòisich e air an t-slighe seo san dorchadas, ach tha e a-nis ag adhlacadh a Shlànaighear ann an solas an latha.

Nach eil bàs Chrìosd gad cho-èigneachadh fhèin gu bhith a’ nochdadh air a thaobh? Feuch gun can thu, maille ri a shluagh gu lèir, ‘Ge bi cò bhios a’ magadh orm air a sgàth, feumaidh mi sealltainn gu bheil mi air a thaobh-san’.

Thig bhon dorchadas a-mach far a bheil solus spioradail a ’deàlradh  agus aithne agad gun robh a’ bhàs sin prìseil dhut fhèin.

 

Archive