News & Updates

Salm 23

Soisgeul Dhè Mu Thimcheall a Mhic

Air feasgar Diciadain (3mh Lunastal) san t-Seamanaraidh, shearmonaich an t-Urr.Seumas MacIomhair air Ròm.1:1 -5.

Shamhlaich Mgr.MacIomhair an leabhar seo ri botal champagne – nuair a dh’ fhosglas tu e, tha na tha na bhroinn (ie teachdaireachd an leabhair) a’ brùchdadh a-mach sa chiad leth-dusan paragrafan.

Bha Pòl an seo a’dèanamh trì nithean soilleir:
- Gun deach Soisgeul Dhè a ghealltainn le fhàidhean fhèin;
- Gur ann mu thimcheall a’ Mhac-san a tha Soisgeul Dhè;
- Gur e adhbhar agus brìgh an t-Soisgeul Criosd a ghlòireachadh.

Leis mar a chaidh Soisgeul Dhè a ghealltainn le fhàidhean fhèin, tuigear gur e dha-rìribh a Shoisgeul-san a th’ ann. Chan e cruinneachadh de bheachdan dhaoine a th’ ann, no feallsanachd mhic an duine: a dh’ aindeoin bheachdan ‘sgoilearach’ an t-saoghail, ‘s e Soisgeul Dhè a th’ ann gun teagamh.

Cha do thòisich e nuair a nochd Criosd – bha e air a ro-ghealltainn ann an sgriobtairean an t-Seann Tiomnaidh. Mar sin, tha an Soisgeul a’ tòiseachadh far na thòisich Dia ga fhoillseachadh fhèin: cho fad air ais Gen: 3:15, nuair a tha E a’ gealltainn an naimhdeas a bhios eadar sìol Eubha agus sìol an nathair, agus gu h-àraid ‘bruthaidh esan do cheann agus bruthaidh tusa a shàil-san.’ Seo rud ris an can diadhairean ‘protoevangelium’. Ged a bha dìteadh agus bàs a-nis ann, bha gealltanas na chois.

San dàrna àite, ‘s ann mu thimcheall Chriosd a tha an Soisgeul. Tha brìgh nan sgriobtairean air a shuidheachadh sa chuspair mu bheil iad a’ labhairt – Criosd – agus chan ann sna sgrìobhaidhean fhèin. ‘S ann annsan a tha sgeul aoibhneach an Soisgeul seo suidhichte. Chaidh coimhead ri dà rud gu sonraichte ann an dàimh ri seo:
- ‘a rinneadh de shìol Dhaibhidh, a rèir na feòla’
- ‘a rèir Spiorad na naomhachd, tre an aiseirigh o na mairbh’.

Tha, mar gum biodh, dà ìre an seo, a’ gabhail a-steach daonnachd Chriosd sa chiad àite agus, san dàrna àite, diadhachd Chriosd. An toiseach, ‘s E na dhuine, tha E a’ foghlam ùmhlachd agus irioslachd’ agus a’ fulang gu bàs. As dèidh sin, tha an dàrna ìre a’ tòiseachadh leis an aiseirigh.

Mothaich nach eil an teacs ag ràdh air mhodh sam bith gur ann tron aiseirigh a chaidh Criosd a shuidheachadh mar mhac Dhè, ach gur ann an uair sin a chaidh a dhearbhadh ann an cumhachd mar mhac Dhè.

An seo, tha an abstoil ag ainmeachadh ‘Spiorad na naomhachd’. Carson? Tha air sgàth agus gu bheil gnìomh an Spioraid air fhoillseachadh an seo – ‘s e an Spiorad Naomh a thog Criosd o na mairbh agus ‘s E an aon Spiorad a tha beò ann an anam a’ Chriosdaidh agus a bhios mar mheadhan air aiseirigh nan Criosdaidhean o na mairbh cuideachd.

Aig 1:7, tha Pòl ag ainmeachadh an ‘Tighearna Iosa Criosd’ – sud ainm mar dhuine (Iosa) + ainm an t-Slànuighear (Criosd) + inbhe mar Thighearna thairis oirnn.

Tha còir againne a bhith a’ toirt ùmhlachd dha, a’ gèilleadh dha gu h-iomlan air son agus gur E ar Tighearna agus ar Rìgh. ‘S ann airson sin a tha an Soisgeal ann – airson Criosd a thogail suas agus a ghlòireachadh. Chan eil Criosdaidh sam bith air an iompachadh don chreideamh, ach do Chriosd fhèin tron t-Soisgeul.

Sud an adhbhar a tha an abstoil ag ràdh (1:5), ‘air sgàth ainme-san’. Nach ann airson sin a thathar ga leantainn agus a’ toirt ùmhlachd dha – airson gum bi ainm air a naomhachadh ‘am measg nan uile chinneach’.

Mar a sgrìobh an diadhaire, John Stott, ann an leabhar mun Litir seo:
‘The highest of all missionary motives is neither obedience to the Great Commission…nor love for sinners who are alienated and perishing…but rather zeal…for the glory of Jesus Christ. Some evangelism, to be sure, is no better than a thinly disguised imperialism, whenever our real ambition is for the honour of our nation, church, organization or ourselves. Only one imperialism is Christian, however, and that is concern for his Imperial Majesty Jesus Christ, and for the glory of his empire or kingdom. Before this supreme goal of the Christian mission, all unworthy motives wither and die.’