News & Updates

Israeleach dha‑rìribh

Air Diardaoin 19mh Dàmhair anns a' choinneamh, shearmonaich an t-Urramach Seumas MacÌomhair air Eòin 1: 43 - 51, air an tug e an tiotal, 'Israeleach dha‑rìribh'.
Tha sreath de 'lorgan' an seo, le 'fhuair' a' nochdadh a-rithist agus a-rithist, ach sann anns an 43mh rann a tha an 'fhuair' as cudromaich a' nochdadh, far a bheil e ag ràdh, 'fhuair E Philip'. Chìthear gu bheil teagsg glè chudromach an seo agus sinn a' faighinn dealbh de Chrìosd mar neach a thàinig a theàrnadh, ach cuideachd a shireadh. Mar sin, tha òrdugh nam briathran deatamach - thàinig E a shireadh agus a theàrnadh. An toiseach, tha Crìosd a' lorg neach, tha an neach sin ga leantainn, agus tha an neach an uair sin a' lorg duine eile airson a thoirt gu aire Chrìosd.
B' urainnear a dh' ràdh nach b'e toiseach-tòiseachaidh uabhasach misneachail a bh' aig Natànael nuair a dh' fhaighnich e mu thimcheall Chrìosd, 'Am faod nì math air bith teachd à Nàsaret?' Seach nach robh cliù aig Nàsaret mar bhaile chudromach, bha Nàtanael ga mheas suarach - dè eile a shaoileadh e de dh' àite nach robh fiù 's a' nochdadh san t-Seann Tiomnadh? Cha mhòr nach biodh e do-dhèante creidsinn gun tigeadh Slànuighear à àite cho beag-chliùteach.
Agus, thuirt Mgr MacÌomhair, nach eil sin dìreach coltach ri mac an duine? Thathar an-còmhnaidh leisg gus gabhail ri rud a th' air a mholadh dhuinn, agus 's e sin a tha gar cumail bho bhith ag aideachadh Chrìosd glè thric.
'S ann air sgàth sin a tha freagairt Philip air leth freagarrach - 'thig agus faic ' - agus 's e an dearbh rud a bu chòir a bhith ga dh' ràdh ri teagmhaich agus luchd-càinidh an t-Soisgeul an-diugh. Dh' ainmich Mgr MacÌomhair grunn àitichean ann an Soisgeul Eòin far a bheil 'faicinn' cudromach, na measg: 4:29,42; 6:40; 9:26; 12:21, 14:9; 17:24.
A' leantainn chomhairle Philip, tha Nàtanael a' fàs bho bhith na theagmhach gu bhith na fhoglamaiche. Anns a' bhad, tha e ag ionnsachadh rudeigin deatamach - gu bheil e riatanach gum faic sinne Crìosd, ach gu bheil e nas riatanaiche buileach gum faic Esan sinne. Oir, chan eil fradharc Chrìosd san t-seadh seo air a chuingealachadh gu bhith a' faicinn, no fiù 's ag ainmeachadh neach; ach tha E a' faicinn a-steach dhan duine agus ga fhìor aithneachadh. Nach e, gu dearbha, adhbhar-toileachais a th' ann gu bheil sinn a' tighinn gu Slànaighear a tha eòlach oirnn fada mus ruig sinn an ìre far a bheil sinne ga fhaicinn-san no ga aithneachadh.
Tha ceangal eadar suidheachadh Nàtanael agus suidheachadh Iàcoib san t-Seann Tiomnadh. Eu-coltach ri Nàtanael, cha b' urrainn dha duine a dh' ràdh nach robh cealg sa chiad Israel a fhuair a' chòir-breith le eas-onarachd. Fhuair Nàtanael beannachd Chrìosd às aonais cealgaireachd sam bith, ach airson gun do ghabh e ris mar a Shlànaighear, gun cheist. An seo, thathar a' faighinn deagh dhealbh de dheisciobalachd, mar gum biodh: aon uair agus gu bheil an atharrachadh seo air thighinn air Nàtanael, tha e ag aithneachadh Chrìosd mar Dia agus Rìgh.
Nuair a gheibhear an dà thiotal, an dà inbhe sin, còmhla, tha iad a' dearbhadh macachd Chrìosd. Tha 'mac' tric ga chleachdadh san Fhìrinn airson caractar chuideigin a shealltainn - 's ann air an adhbhar sin a tha Iùdas ga ainmeachadh mar 'mac an sgrios ', oir sin gnè Iùdais.
Tha Dia, a-rèist, ga fhoillseachadh fhèin na mhac, dìreach mar a bhithear a' sèinn ann an Salm 145, a' daingneachadh gur E Dia agus gur E an Rìgh cuideachd.
Gu dearbha, faodar cantainn gur e seo teis-mheadhan dheisciobalachd: a bhith ag aideachadh Chrìosd mar Dia agus Rìgh, agus Esan a bhith a' freagairt le, 'Israeleach dha-rìribh'. Ga b' oil leis an fheadhainn a cheus E, bha an tiotal air an robh E airidh bhos a chionn air a' chrann-ceusaidh: Iosa o Nàsaret, Rìgh nan Iùdhach'.
Anns an 51mh rann, tha Crìosd ag ràdh: 'chì sibh nèamh fosgailte, agus aingil Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air Mac an Duine'. Tha seo a' ceangal ri bruadair Iàcoib, agus an àradh a chunnaic e, a' dèanamh dàimh eadar neamh agus an talamh. Ciamar a-riamh a bha sin gu bhith comasach?
Chaidh a choileanadh ann am bàs agus aiseirigh Chrìosd. Chunnaic Stèphen e nuair a bhathar ga chur gu bàs: neamh fosgailte agus Crìosd air deas-làimh Dhè.
Nuair a dhùisg Iàcob, bha e ag aideachadh gun robh Dia san aonad sin, agus gur ann a bha geataichean neamh. Ach bha barrachd tuigse aig Nàtanael, oir chunnaic esan nach b' ann an àite no aonad sam bith a tha geataichean a-steach a neamh, ach ann am pearsa Chrìosd, Dia agus Rìgh Israeil.

Archive