Facal Uile-tharbhach Chrìosd
Air feasgar Diardaoin, shearmonaich an t-Urr. Seumas MacÌomhair air Lùcas 4: 31 – 44, searmon air an tug e an tiotal, ‘Facal Uile-tharbhach Chrìosd’.
Suas chun earran seo, tha Lùcas air a bhith a’ dèanamh iomradh air cò th’ ann an Ìosa agus carson a thàinig e. Bho 4: 31 gu 5:26, ged-tà, ‘s ann a tha e a’ toirt dhuinn cunntas air èifeachd agus buaidh facal Chrìosd. Tha iomraidhean Lùcais ga dhèanamh soilleir gur e facal earbsach agus uile-tharbhach a th’ann, facal a tha an-còmhnaidh torrach a rèir a rùintean fhèin.
Tha trì diofar thachartasan san t-sreath seo a tha a’ toirt dhuinn sealladh a-steach dhan chumhachd shònraichte:
- mar a tha fhacal a’ruaigeadh deamhan;
- mar a tha fhacal a’faighinn cuidhteas dha tinneas;
- mar a tha uallach air fhacal fhèin a sgaoileadh do bhailtean eile.
Tha e follaiseach nuair a tha Crìosd a’ coinneachadh ris an duine anns a bheil an deamhan, gur e tì dha-rìribh a th’ ann. Chan eil an Fhìrinn a’ ceasnachadh seo uair sam bith agus, mar sin, faodar gabhail ris gu bheil deamhain ann fhathast agus ged nach eil iad, ‘s dòcha, cho follaiseach, tha iad fhathast a’dèanamh obair an dorchadais a rèir miann am maighstir, an Diabhall. Agus, far a bheil daoine fo smachd aig rìoghachd an dorchadais, ‘s e fhathast Crìosd a-mhàin a tha comasach sin a leigheis.
Nuair a bhruidhinn Crìosd ris an duine anns an robh an deamhan a’ gabhail còmhnaidh, tha e follaiseach gun robh làn fhios aig an deamhan cò ris a bha e a’ bruidhinn. Mar a tha Seumas ga ainmeachadh na litir, tha fiù ‘s na deamhain fhèin a’creidsinn nach eil ann ach Dia agus tha eagal orra roimhe. Nach e adhbhar iongnaidh agus bròin, a-rèist, thuirt Mgr MacÌomhair, gu bheil fhios aig na deamhain cò e, ach nach eil aig cuid de dhaoine? ‘S ann a bha na daoine ag iarraidh a chumail sàmhach, a chur a-mach às an àite anns an robh e, agus eadhon a chur gu bàs.
Tha e fhathast mar sin san latha an-diugh. Mar a thuirt an abstoil Pòl, ma tha an fhìrinn falaichte, ‘s ann orra-san nach eil a’ creidsinn a tha e air falach. ‘S ann air an son-san a tha sinn fhathast ag ùrnaigh, gus am biodh cumhachd an dorchadais ga bhriseadh agus na prìosanaich gan leigeil ma-sgaoil. Thathar a’ guidhe gum biodh an soisgeul an-diugh mar a tha facal Chrìosd – fhathast a’ toirt buaidh, oir chan eil a’ chòrr ann a shaoras dhaoine.
Mar a chìthear bhon earrann, chan eil ach aon ghuth a chuireas an deamhan na thosd. Chan eil e a’ stad aig an sin, ged-tà, oir chan eil e gu leòr dhan t-Slànuighear gum bi an deamhan sàmhach; tha e airson cuidhteas fhaighinn dheth gu tur a-mach às an duine.
Anns a’ chiad chànan, tha am briathrachas a chaidh a chleachdadh an seo glè choltach r briathrachas a’ chruthachaidh – i.e. biodh sud ann, agus bha e ann. ‘S e facal gnìomhach agus buadhach a tha Crìosd a’cleachdadh; nuair a labhras e, tha rud ga chruthachadh nach biodh comasach do neach sam bith eile a dhèanamh.
Bha puing aig Lùcas san sa chunntas seo nach robh aig na soisgeulaichean eile, air sgàth, ‘s iongantas, gur e lìghiche a bh’ ann dheth fhèin. Chuir e cudrom air mar a fhuaras cuidhteas den deamhan gun cron sam bith a dhèanamh air an duine. Tha seo a’ daingneachadh fìrinn phrìseil eile dhuinn: nuair a shlànaicheas Ìosa, tha e a’slànachadh dha-rìribh.
‘S e tha fhathast gar saoradh agus gar slànachadh air mhodh spioradail – modh a sheasas gu sìorraidh.
Anns an dàrna àite, chunnacas e a’toirt buaidh air tinneas a bha air màthar-chèile Pheadair. Tha e air innse dhuinn gur e fiabhras mòr a bh’ oirre agus tha e follaiseach gun robh Lùcas, an lìghiche a’ gabhail a-steach cho dona sa bha seo – gu ìre agus gun robh i ann an cunnart-bàis.
Bha Lùcas mar fhianais air Crìosd a’ cronachadh am fiabhras. Chan e seo rud a chanadh tu mu dheidhinn lìgiche nàdarrach, ach th a e a’ dearbhadh uile-tharbhachd facal Chrìosd a-rithist, gun robh smachd aige-san fiù ‘s air an tinneas. Tha na h-aon fhacail gan cleachdadh an seo sa chaidh a chleachdadh mu thimcheall ruaigeadh an deamhain. Ge bith dè tha Crìosd a’ coinneachadh, tha esan a’ dèiligeadh ris uile gu lèir agus le seo, tha e a’ daingneachadh nach ann dìreach ri suidheachaidhean neo-àbhaisteach òs-nàdarrach a tha e comasach dèiligeadh, ach ri nithean làitheil, leithid tinneas, cuideachd.
Nuair a bhruidhneas e ri neach a tha ri iompachadh, tha e a’ cronachadh slabhraidhean a’ pheacaidh agus ga dhèanamh mar is còir dha a bhith ann an dàimh ris fhèin.
Chìthear an cumhachd seo le màthar-chèile Pheadair a dh’ èirich nuair a chaidh a slànachadh, agus a thòisich a’frithealadh dhaibh.
Anns an treas àite, bha na daoine – gu nàdarrach – ag iarraidh air fuireach maille riutha, ach bha ìmpidh air-san a dhol a dh’àitichean eile airson gun deidheadh fhacal a chluinntin air feadh an àite.
Nach eil an aon uallach oirnn fhìn san latha a th’ ann – gun tèid am facal seo a sgaoileadh, gu sònraichte tro shearmonachadh. Gu mì-fhortanach, tha an t-searmonachadh uaireannan ga chuingealachadh nar latha fhìn, fiù ‘s taobh a-staigh eaglaisean far a bheil nas lugha agus nas lugha de thìde air a thoirt dhà.
Tha fhios againn gu bheil creideamh a’tighinn tro èisteachd agus gu bheil sin gu h-àraid a’ciallachadh searmonachadh facal Dhè. Bu chòir gum biodh uallach oirnn fhìn an-diugh gun deidheadh a sgaoileadh fad is farsaing, an aon uallach sa bh’ air Crìosd an seo ‘s e ag ràdh, ‘’s èiginn dhomh rìoghachd Dhè a shearmonachadh’.