Bàs Tarraingeach Chrìosd
Air feasgar Diardaoin, shearmonaich an t-Urramach Seumas MacÌomhair air Eòin 12: 32 – 33, mu bhàs tharraingeach Chrìosd.
Thòisich e le bhith a’ toirt iomradh air mar a tha pearsantachd rudeigin tlachdmhor aig cuid de dhaoine a tha gan deanamh tarraingeach, agus a’ tàladh dhaoine thuca. Tha seo fìor, ‘s dòcha gu h-àraid mu thimcheall daoine ainmeil.
Anns an earrann seo, thathar a’ faicinn gu bheil comas-tàlaidh Chrìosd dlùth-cheangailte ris a’ chrann-ceusaidh. Tha an comas a th’aige daoine a tharraing thuige fhèin stèidhichte air na chaidh a choileanadh na bhàs-san. Chìthear gu bheil Crìosd cuideachd a-mach air ‘uachdaran an t-saoghail’ agus mar a bhios esan air a dhìteadh aig an dearbh àm nuair a bhios Crìosd ga thogail a dh’ ionnsaigh an Athair.
Feumar a bhith faiceallach cuideachd mu bhrìgh na h-abairt, ‘na h-uile dhaoine’ ann an rann 32. Chan eil e idir a’ ciallacadh gach duine fa leth, ach iadsan a chaidh a thoirt dha a-mach às gach sluagh san t-saoghal. Mar sin, tha cofhurtachd againn mu thimcheall na fìrinn seo: an neach a tha a-staigh cuide ris an t-Slànuighear, bidh e a-staigh gu sìorruidh.
Ach, dè tha ri fhaotainn sa chrann-ceusaidh a tha a’ fàgail gun urrainn dha Crìosd bruidhinn mar seo?
Gheibhear iomradh ann an iomadach àite anns an leabhar seo air breitheanas, ach san earrann seo tha e gu sònraichte ga cheangal ris a’chrann-ceusaidh. Chan àbhaist a bhith a’ beachdachadh air breitheanas ann an co-bhoinn ri tarraingeachd, ach tha breith ga thoirt seachad aig Calbharaidh, ‘s dòcha ann am barrachd air aon seadh.
Bha Ìosa fo chasaid agus e a’ nochdadh air beulaibh Phìleat agus, gu ìre air choireigin, chaidh breith a thoirt air sa chùirt sin. Ged-tà, san t-seadh as àirde, sann a bha Crìosd a’ toirt breith orrasan.
Ged a bha dùil acasan a cheus e gun robh iad air Crìosd a dhìteadh, anns an t-seadh spioradail, bha an dearbh crann-ceusaidh a thog iad gan dìteadh fhèin. Ann an co-theacs siorraidh, tha e a’ cur nar cuimhne gu bheil a h-uile seòrsa innleachd slàinte a thathar a’ feuchainn ri cur an àite Chrìosd, a’ tighinn fo bhreith a’ chrainn-ceusaidh. Tha an dìteadh sin a’ laigh oirnn fhìn, mar a tha air a dhèanamh soilleir anns an 3mh caibideal, mura tig sinn fhìn dha ionnsaigh-san.
‘S e Ìosa Crìosd slighe na beatha, agus sin air a bhuileachadh air peacaich tro ghràs Dhè: gu dearbha, nach e sin teachdaireachd mòr an Ath-leasachaidh? Chaidh esan a bha gun pheacadh a dhèanamh na ìobairt-pheacaidh dhuinne gus am faigh sinn beatha mhaireannach agus nach bi breitheanas a’ chrann-ceusaidh a’ laigh oirnne.
Tha dà rud gu sònraichte gan togail san earrann seo a thaobh a’ bhreitheanais:
- gun deach ‘uachdaran an t-saoghail’ seo, an Diabhal, a chlaoidheadh le Crìosd, agus peacadh maille ris, ma ghabhas peacaich ri uachdaranas Chrìosd
- gu bheil an crann-ceusaidh air daoine a shlànachadh bho phuinnsean an cuid peacannan le ìocshlaint a gheibhear ann am fuil Chrìosd.
Ciamar, ged-tà, a tha Crìosd a’ cleachdadh an crann-ceusaidh airson daoine a tharraing gu Crìosd?
Tha, anns a’ chiad àite, san t-seadh gu bheil Ìosa gnìomhach tron Spiorad Naomh a tha a’ frithealadh dha eaglais agus a’ dearbhadh nithean oirnn mur timcheall fhìn, agus mu thimcheall Chrìosd. Mar sin, nuair a thig an Spiorad Naomh dar n-ionnsaigh, soillearachaidh e trì nithean:
- peacadh: aig a’ chridhe, tha e stèidhichte air dìth earbs ann an Crìosd;
- fìreantachd: tha fìreantachd Chrìosd air a dhearbhadh na shuidheachadh aig deas-làimh Dhè;
- breitheanas: tha seo air a dhaingneachadh ann an dìteadh an t-Sàtain agus tha an Spiorad Naomh a’ dearbhadh seo air anam a’ pheacaich.
Anns an dàrna àite, tha an Spiorad a’ dearbhadh rudan mu thimcheall Chrìosd. Chìthear ann an 12: 7 gun robh tuigse na b’ fheàrr aig Muire mu dheidhinn dè a’ bhrìgh a bha gu bhith aig bàs Chrìosd na bh’ aig na deisciobail. Bha an ola leis ns dh’ ung i casan an t-Slànaighear a’ samhlachadh mar a dhòirt i a-mach a gràdh dha, agus i deimhinnte gur ann troimh bhàs-san a bha ise gu bhith air a teàrnadh.
Agus, thuirt Mgr MacÌomhair, nach e an dearbhachd sin mu thimcheall Chrìosd a tha gad fhàgail san èisteachd a-nochd? Ged a bha thu uaireigin fon dìteadh ud thu fhèin, nach urrainn dhut a-nis cantainn, maille ri Iain Newton:
‘John Newton is a great sinner, but Jesus Christ is a great Saviour’.
Mar a tha an abstoil Pòl ga chur, bha Dia a’ moladh a ghràdh fhèin dhuinn nuair a bha sinn fhathast nar peacaich. Sann tro obair an Spioraid, a tha sin air a dhearbhadh nur cridheachan a chum na beatha mhaireannaich.
Agus ‘s e ar n’ ùrnaigh gun tigeadh sluagh fhathast maille rinn a chum ìocshlaint mhìorbhaileach Dhè.