
Coinneachadh agus Dealachadh
Sunday Morning
Rev James Maciver
An t-Urramach Seumas Maciomhair a searmonachadh air Lucas 24:36 Agus a’ labhairt nan nithe seo dhoibh, sheas Iosa fein ‘n am meadhon, agus thubhairt e riu, Sìth maille ruibh. 37 Ach bha iadsan fo gheilt-chrith agus fo eagal, agus shaoil iad gur spiorad a chunnaic iad. 38 Agus thubhairt e riu, C’ ar son a sibh fo bhuaireas, agus c’ ar son a tha smuaintean ag eirigh suas ann ‘ur cridheachaibh? 39 Feuchaibh mo làmhan agus mo chosan, gur mi fein a th’ ann: laimhsichibh mi, agus faicibh; oir chan eil aig spiorad feòil agus cnàmhan, mar a chì sibh agam-sa. 40 Agus an uair a thubhairt e so, nochd e dhoibh a làmhan agus a chosan. 41 Agus air dhoibh a bhi fathast mi-chreideach troimh aoibhneas, agus iad fo iongantas, thubhairt e riu, Am bheil biadh sam bith agaibh an so? 42 Agus thug iad dà mir a dh’ iasg ròiste, agus de chir-mheala. 43 Agus ghlac se e, agus dh’ ith e ‘n am fianuis. 44 Agus thubhairt e riu, Is iad so na briathran a labhair mi ruibh, an uair a bha mi fathast maille ruibh, gur eigin do na h-uile nithibh a tha sgrìobhta ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhibh, agus anns na salmaibh mu ‘m thimchioll-sa, ‘bhi air an coimhlionadh. 45 An sin dh’ fhosgail e an tuigse, chum gu-n tuigeadh iad na sgriobtuirean. 46 Agus thubhairt e riu, Mar so tha e sgrìobhta, agus mar so b’ eigin do Chriosd fulang, agus eirigh o na mairbh air an treas là; 47 Agus aithreachas agus maitheanas peacaidh ‘bhi air an searmonachadh ‘n a ainm-san, do na h-uile chinnich, a’ tòiseachadh aig Ierusalem. 48 Agus is fianuisean sibhse air na nithibh so. 49 Agus, feuch, cuiridh mise gealladh m’ Athar oirbh: ach fanaibh-se ann am baile Ierusaleim, gus an sgeudaichear le chumhachd o na h-àrdaibh sibh.