sermonspodcast white

Dia Air Ar Taobh

Sunday Morning

Rev James Maciver

An t-Urramach Seamus Maciomhair a searmonachadh air Salm 124 Nis is abradh Israel gu fior, mur biodh Iehobhah leinn: 2. Mur biodh Iehobhah as ar leth, tràth dh'éirich daoine ruinn; 3. 'N sin dheantadh leo ar slugadh beò, 'n tràth las an corruich ruinn. 4. Is ruitheadh tharuinn tuilte bras, sruth làidir thar ar ceann. 5. 'N sin rachadh thar ar n-anam bochd, na tuiltean àrd gu léir. 6. Moladh do Dhia, nach d' thug e sinn mar chreich d'am fiaclaibh geur. 7. Mar eun á lìon an eunadair, ar n-anam truagh chaidh as: Bhriseadh an lìon is sgaoileadh e, is shaoradh sinn gu cas. 8. Ar còmhnadh ta 's ar cuideachadhan ainm Iehobhah thréin: An neach a rinn an talamh fòs, 's a chruthaich nèamh nan speur.