sermonspodcast white

O Dhaorsa Gu Mor Shaorsa

Sunday Morning

Rev James Maciver

An t-Urramach Seamus Maciomhair a searmoachadh air Salm 130 O 'n doimhne, O Iehobhah Dhé, do ghlaodh mi riutsa suas. 2. Dhia, éisd ri m' ghuth gu furachar; 's ri m'urnuigh crom do chluas. 3. Ma chomhraichear leat aingidheachd, a Dhé, cò sheasas riut? 4. Ach agad-sa ta iochd: a chum gu'n striochdt' a'd' eagal dhuit. 5. Ri Dia tha mise feitheamh, fòs tha m'anam feitheamh ris; Is ann a bhriathar fìrinneach mo dhòchas cuiridh mis' 6. Tha m'anam bochd ni 's furachair a feitheamh Dhé a ghnàth, Na bhios luchd faire maidne fòs ri sgarachdainn nan trath: Ni 's furachair, a deiream fòs, g' a fheitheamh-san gun ghò, Na bhios luchd-faire anns an oidhch' ri teachd a steach do'n lò. 7. Biodh dòchas Israeil an Dia; oir tha a thròcair mòr; 'S ann aig an Tighearna gu beachd tha fuasgladh pailt gu leòr. 8. Is bheir e féin gun cheisd air bith d'a phobull Israel, Làn-shaorsadh agus fuasgladh glan o'n aingidheachd gu léir.