
Tròcair Dhe Ann An Iosa Mac Dhaibhidh
Thursday Evening
Mr Murdo Martin
Murchadh Martainn a searmonachadh air Marc 10: 46 An uair sin thàinig iad gu Iericho. Agus fhad 's a bha Ìosa 's a dheisciobail is sluagh mòr a' fàgail Iericho, bha Bartimèus (is e sin mac Thimèuis), dèirceach dall, na shuidhe ri taobh an rathaid. 47 Nuair a chuala e gum b' e Ìosa o Nàsaret a bh' ann, thòisich e air èigheach agus air a ràdh, “Ìosa, a Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm!” 48 Agus chronaich mòran e, ag ràdh ris a bhith sàmhach, ach b' ann na bu mhotha buileach a dh'èigh esan, “A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm!” 49 Stad Ìosa agus thuirt e, “Èighibh air!” Agus dh'èigh iad air an duine dhall, ag ràdh ris, “Biodh misneachd agad! Èirich! Tha e ag èigheach ort!” 50 A' tilgeil dheth an aodaich uachdair aige, leum e suas, is thàinig e gu Ìosa. 51 Agus thuirt Ìosa ris, “Dè a bu toigh leat mise a dhèanamh dhut?” Agus thuirt an duine dall ris, “A Rabònaidh, mo fhradharc fhaighinn air ais.” 52 Thuirt Ìosa ris, “Thalla, shlànaich do chreideamh thu.” Sa bhad fhuair e a fhradharc air ais, agus lean e air an t‑slighe e.