
Còig Seallaidhean Air An Duine Beannaichte
Sunday Morning
Mr Murdo Martin
Murchadh Martainn a searmonachadh air Salm 1 Is beannaichte an duine sin nach gluais ann an comhairle nan aingidh, agus nach seas ann an slighe nam peacach, agus nach suidh ann an caithir luchd-fanoid. 2 Ach aig am bheil tlachd ann an lagh an Tighearn, agus a smuainicheas air a lagh-san a la agus a dh'oidhche. 3 Bithidh e mar chraoibh suidhichte laimh ri sruthaibh uisge, a bheir a mach a toradh 'n a aimsir, agus nach caill a duilleach: agus soirbhichidh leis gach ni a ni e. 4 Cha-n ann mar sin a bhitheas na h-aingidh: ach mar mholl a sgapas a' ghaoth. 5 Air an aobhar sin cha seas na h-aingidh ann am breitheanas, no peacaich ann an coimhthional nam fìrean. 6 Oir is aithne do an Tighearna slighe nam fìrean: ach sgriosar slighe nan aingidh.