
Ceithir Nithibh A Chunnaic Eoin
Sunday Morning
Mr Murdo Martin
Murchadh Martainn a searmonachadh air Taisbeanadh Eoin 20 - 21 Agus chunnaic mi rìgh-chaithir mhor gheal, agus an Ti a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d'fhuaradh àite dhoibh. 12 Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mor, 'n an seasamh ann am fianuis Dhe; agus dh' fhosgladh na leabhraichean: agus dh' fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha; agus thugadh breth air na mairbh as na nithibh sin a bha sgrìobhta 's na leabhraichibh, a reir an gniomhara.
1 Agus chunnaic mi nèamh nuadh, agus talamh nuadh: oir chaidh an ceud nèamh agus an ceud talamh thairis; agus cha robh fairge ann na's mo. 2 Agus chunnaic mise Eoin am baile naomh, Ierusalem nuadh, a' teachd a nuas o Dhia a nèamh, air ullachadh mar bhean-bainnse air a sgeadachadh fa chomhair a fir.