
Slat Dhe
Sunday Morning
Rev James Maciver
Ecsodus 17:8 An sin thàinig Amelec, agus chog e ri Israel ann an Rephidim. 9 Agus thubhairt Maois ri Iosua, Tagh a mach dhuinn daoine, agus falbh a mach, cog ri Amelec: am màireach seasaidh mise air mullach an t-sleibh, agus slat Dhe a'm làmh. 10 Agus rinn Iosua mar a thubhairt Maois ris, agus chog e ri Amelec. Agus chaidh Maois, Aaron, agus Hur, suas gu mullach an t-sleibh. 11 Agus an uair a thog Maois suas a làmh , an sin bhuadhaich Israel, agus an uair a leig e sìos a làmh , bhuadhaich Amelec 12 Ach bha làmhan Mhaois trom, agus ghabh iad clach , agus chuir iad foidhe i, agus shuidh e oirre: agus chum Aaron agus Hur suas a làmhan , fear dhiubh air aon taobh, agus fear air an taobh eile: agus bha a làmhan seasmhach gu luidh na greine. 13 Agus chlaoidh Iosua Amelec agus a dhaoine le faobhar a' chlaidheamh. 14 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sgrìobh seo mar chuimhneachan ann an leabhar, agus aithris e ann an cluasaibh Iosua; oir dubhaidh Mise as gu tur cuimhne Ameleic o bhi fo nèamh. 15 Agus thog Maois altair, agus thug e Iehobhah-Nisi mar ainm oirre: 16 Oir thubhairt e, do bhrìgh gu'n do mhionnaich an Tighearna, gu-m bi cogadh aig an Tighearna ri Amelec o linn gu linn.