sermonspodcast

Thàinig am Fìon as Fheàrr

Gaelic Thursday Evening

Rev James Maciver

Eòin 2:1-11

Agus air an treas là bha pòsadh ann an Cana Ghalile; agus bha màthair Iosa an sin. 2. Agus fhuair Iosa mar an ceudna cuireadh chum a’ phòsaidh.  3. Agus air teireachdainn do’n fhìon, thubhairt màthair Iosa ris, Chan eil fìon aca. 4. Thubhairt Iosa rithe, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a bhean? Cha d’thàinig m’uair-sa fathast. 5. Thubhairt a mhàthair ris an luchd-frithealaidh, G e b’e nì a their e ribh, deanaibh e. 6. Agus bha sia soithichean-uisge de chloich air an cur an sin, a reir gnàtha glanaidh nan Iudhach, a ghabhadh dà fheircin no trì, gach aon diubh. 7. Thubhairt Iosa riu, Lìonaibh na soithichean le uisge. Agus lion siad iad gus am beul. 8. Agus thubhairt E riu, Tairngibh a nis, agus thugaibh chum uachdarain na cuirme. Agus thug iad ann e. 9. 'N uair a bhlais na cuirme an t-uisge a rinneadh 'n a fhìon,(agus cha robh fhios aige cia as a thàinig e; ach bha fhios aig an luchd-frithealaidh a tharruing an uisge), ghairm uachdaran na cuirme am fear nuadh-pòsda. 10. Agus thubhairt e ris, Cuiridh gach duine fìon maith a làthair air tus; agus an uair a dh'òlas daoine gu leòr, an sin am fion a's miosa: ach ghleidh thusa am fìon maith gus a nis. 11. An toiseach so de mhìorbhuilibh rinn Iosa ann an Can Ghalile, agus dh'fhoillsich e a ghlòir; agus chreid a dheisciobuil ann.

.