News & Updates

Gluasadan gràdh do Dhia

Air madainn na Sàbainn san t-Seamanaraidh, shearmonaich an t-Urramach Seumas MacÌomhair air Salm 116, searmon air an tug e an tiotal, 'Gluasadan gràdh do Dhia'.

Aig cridhe an t-sailm seo, tha a' cheist a gheibhear san 12mh rann: 'Ciod a dh' ìocas mi don Tighearna airson a uile thìodhlacan dhomh?' Tha seo a' togail ceist ann an inntinn an leughadair sa bhad - dè na tìodhlacan air a bheil e a-mach?

Gheibhear freagairt na ceist sin san 8mh rann 'shaor thu m' anam on bhàs', oir tha sin a' gabhail a-steach nan tìodhlacan gu lèir. Leanaidh na buannachdan eile na dhèidh.

Leis gur e Salm gun urra a tha againn an seo, chan eil cinnt sam bith mu suidheachadh an t-salmaidh. Gheibhear beached, ged-tà, bhon seòrsa briathrachas a tha e a' cleachdadh, gur ann a-mach air gàbhadh spioradail a tha e agus gur e a th' againn an seo ach neach a chaidh a shaoradh san t-seadh spioradail agus a thoirt gu slàinte Dhè.

Aithnichear cuideachd gur e suidheachadh a tha seo air a bheil eòlas agus aithne phearsanta aig an t-salmaidh agus nach e teòraidh fuar a th' ann air gràs Dhè. Tha e a' bruidhinn air fhèin mar chuideigin a bha air a theannachadh le grèim a' bhàis spioradail. Seo an seòrsa fèin-fhiosrachadh a tha Dia a' ceadachadh gu diofar ìrean ann an diofar dhaoine agus iad a' faireachdainn cuideam eallach a' pheacaidh.

Tha fhios gun robh an duine seo ga fhaireachdainn gu mòr - 'chuairtich dòilgheasan a' bhàis mi, agus glac piantan ifrinn mi; fhuair mi teinn agus bròn'. Ciamar, a-rèist, a fhuair e às le bheatha?

Gu h-iongantach, dh' èist Dia ri ùrnaighean, dìreach mar a tha e an-diugh fhathast ag èisteachd. Tha seo na chùis-iongnaidh ann an iomadach dòigh agus E cho eòlach air ar teachdan-geàrr. A dh' aindeoin seo, tha cofhurtachd mòr aig neach sam bith a tha ag ùrnaigh - gu bheil cluas Dhè fosgailte.

Anns a' chòigeamh rann, chìthear carson a tha Dia deiseil èisteachd rinn - airson gu bheil E gràsmhor, tròcaireach agus cothromach mu ar timcheall. Chan eil e gu diofar cho furasta sa tha e dhuinne mar pheacaich a dhol ceàrr, tha Esan gar cumail agus gar saoradh on droch phàtran ud - 'theasairg e mi'. Tha e sònraichte brèagha cuideachd, gu bheil 'ainm an Tighearna' (rann 4) cho dlùth-cheangailte ri caractar an Tighearna a tha air a bhonntachadh air na feartan a chaidh ainmeachadh sa chòigeamh rann.

Eu-coltach ris an dealbh a th' aig tòrr ana-chreidmhich de Dhia, 's urrainn dha shluagh a dhol thuige air a' bhonn seo: gu bheil fhios aca gu bheil E tròcaireach, cothromach agus gràsmhor.

Tha an t-salmaidh an seo mothachail, chan ann a-mhàin air an seòrsa cobhair a chaidh a dhèanamh air san t-suidheachadh seo, ach a' coimhead air ais, tha e a' mothachadh gun robh Dia ga threòrachadh ann an iomadach suidheachadh eile.

Shamhlaich Mgr.MacÌomhair seo ri suidheachadh neach a tha air chall air na beanntan agus a thèid a thogail le helicopter. Gun fhios dha, tha cuideigin a' tighinn a-nuas le ròp airson cobhair a dhèanamh air. Tha an neach caillte air a cheangail ris agus air a thogail a-mach às an droch shuidheachadh chunnartach anns a bheil e.

'S e toradh a h-uile càil a tha seo gu bheil an t-salmaidh a' nochdadh gràdh dha Dia. Chan eil nàire sam bith air sin aideachadh, agus tha e cuideachd ag ràdh (rann 2), 'rim bheò èighidh mi ris' - a' cur cudrom an seo air ùrnaigh, nì a tha bonntaichte air earbs leantainneach san Tighearna.

Thog Mgr.MacÌomhair air nì iongantach an seo cuideachd - gur e mac an duine an aon chreutair aig a bheil anam, agus gun urrainn dha bruidhinn ri anam fhèin. Gu dearbha 's ann dha bu chòir, oir 's e anam mhic an duine a tha eòlach air Dia. Tha an t-salmaidh (rann 7) a' bruidhinn ri anam agus tha e ag ràdh nach cum esan càil air ais bhon Chruithear gach nì air a bheil e airidh seach gun tug Esan dhasan a h-uile rud air nach robh e airidh.

Anns an dealachadh, dh' ainmich Mgr.MacÌomhair clag a chaidh a dhèanamh san Ruis san 18mh linn. Chaidh e a dhèanamh nas motha na clag sam bith eile air an t-saoghal ach sgàin e nuair a bhathar ga chruthachadh. Cha deach a chluinntinn a-riamh agus, mòr 's gu bheil e, cha do choilean e an adhbhar airson a chaidh e a chruthachadh sa chiad àite.

Tha e cudromach nach bi sluagh Dhè mar sin. Bhon a tha Dia air gràdh dha fhèin a chruthachadh ann an anam a' Chriosdaidh, tha e deatamach gun dèan sinn sin aithnichte, le bhith a' bualadh clag ar gàirdeachais.