News & Updates

Cionnas a tha sinne nas motha na Eòin Baistidh?

Anns a’ choinneamh feasgar Diardaoin, shearmonaich an t-Urramach Seumas MacÌomhair air Soisgeul Lùcais 7:18 – 35 agus gu sònraichte bheachdaich e air a’ cheist seo: cionnas a tha sinne nas motha na Eòin Baistidh?
Tha an earrann seo a’ tòiseachadh le Eòin a’ cur dithis de dheisciobail a bhruidhinn ri Crìosd, a dh’ fhaighneachd dha an e Esan an t-Slànuighear a bh’ air a ghealltainn san t-Seann Tiomnaidh no an robh còir aca a bhith a’ feitheamh ri fear eile. ‘S e ceist air leith annasach a th’ ann, a’ tighinn bho a leithid-san. Bha Eòin sa phrìosan aig an àm; mar sin, an gabhadh e a bhith gun robh teagamhan air tòiseachadh ga bhuaireadh?
Bhiodh buaidh aig suidheachadh Eòin air an seo ceart gu leòr – bhiodh e a’ cluinntinn aithrisean bho a luchd-leantainn mu obair Chrìosd. Thigeadh naidheachd gu a chluasan mu dheidhinn mar a bha e a’ dèiligeadh ri daoine agus dh’ fhaodadh gun robh e a’ cur iongnadh air Eòin Baistidh cho eu-coltach ris na chaidh a ghealltainn ann am fàidhdearachd an t-Seann Tiomnaidh sa bha dòigh-giulain Chrìosd.
Bha Eòin ag iarraidh gun deidheadh Rìoghachd Dhè a choileanadh agus esan air a bhith na ro-ruithear air a shon. Aig an aon àm, ged-tà, bha e duilich dha tuigsinn ciamar a bha gnìomhan Chrìosd a thaobh a bhith a’ toirt mathanas agus a’ slànachadh dhaoine, a’ freagradh air an teachdaireachd a bha e fhèin air a bhith a’ sgaoileadh. Feumar cuimhneachadh gun robh teagasg Eòin air a bhith a’ cur cudrom air a’ bhreitheanas a bha dol a thighinn an lùib Chrìosd agus mar a bha e dol a cheannsachadh a chuid nàmhaidean.
Tha Crìosd a’ freagairt na ceist agus, mhìnich Mgr. MacÌomhair gum faicear an aon rud a’ tachairt far an robh Crìosd san fhàsach, air a bhuaireadh leis an Diabhal: tha na freagairtean Aige-san a’ soilleireachadh agus a’ daingneachadh brìgh na ceist. Anns an fhàsach, cha tuigear ceistean an Diabhail gus an cluinnear freagairtean Chrìosd; anns an earrann seo, cha tuigear de ghluais ceist Eòin Baistidh gus an cluinnear freagairt Chrìosd.Gheibhear am freagairt sin ann an rannan 21 – 22 nuair a chìthear Crìosd a’ slànachadh.
Gun teagamh, bidh breitheanas ann, ach feumaidh seo tachairt an toiseach – gum bi na doill a’ faicinn agus na bacaich a’ coiseachd.
Cha b’ ann a’ cur teagamh a bha Eòin Baistidh idir ach a’ long tuilleadh soilleireachaidh, gus an tuigeadh e obair agus adhbhar Chrìosd nas fheàrr. Bu chòir gum biodh sin na bhrosnachadh do Chrìosdaidhean an latha an-diugh cuideachd, dìreach a bhith a’ cur an earbs ann an Dia agus a bhith foighdineach.
Ged is e duine treun agus dìleas a bh’ ann an Eòin, tha e fhathast (rann 28) air ainmeachadh mar nas lugha na an tì as lugha ann an rìoghachd Dhè. Chan urrainear – agus chan iarrar- milleadh a dhèanamh air cliù Eòin mar dhuine a rinn agus a dh’ fhuiling tòrr air sgàth Chrìosd. Ciamar a-rèist as urrainn dha a bhith fìor mu thimcheall Crìosdaidh sam bith gu bheil e nas motha na Eòin Baistidh?
Tha ann an aon rud a-mhàin: ged a fhuair Eòin sochair cho mòr agus gun robh e beò aig an aon àm ri Crìosd, agus eòlach air gu pearsanta, bhuineadh e fhathast dhan t-Seann Tiomnaidh. Tuigear gu bheil creidmhich eile am broinn rìoghachd Dhè mar a tha e air fhoillseachadh dhuinn san Tiomnadh Ùr agus, mar thoradh air an sin, gu bheilear nas motha na Eòin anns na sochairean a fhuaras seach nì sam bith a rinn iad fhèin.
Ann a bhith a’ samhlachadh nan daoine ri clann, tha Crìosd an seo a’ comharrachadh leisgeulan a bhios gach duine againn a’ cleaachdadh. Tha e a’ sealltainn gun robh iad mì-riaraichte le Eòin airson a bhith cho teann, agus le Crìosd airson a bhith cho fosgailte. Chan eil càil a bhuineas dhan Fhìrinn dol gan sàsachadh.
‘S e clann a’ ghliocais a chì gu bheil Crìosd foirfe , agus tha gliocas Dhè air fhìreannachadh annta. Bha Lùcas an-còmhnaidh a’ cur na ceist, ‘cò an duine a th’ ann an seo?’ Bha e ag iarraidh gun co-dhùnadh clann a’ ghliocais gur E mac Dhè, agus nach fhaiceadh iad oilbheum idir ann.